News

4.0 agus làrach-taice ùr

All posts

  • 4.0 agus làrach-taice ùr

    Tha tionndadh ùr de WordPress ri fhaighinn, 4.0. Uel, ag innse na fìrinn, on a sgaoil sinn a’ phacaid Ghàidhlig mu dheireadh air a shon (3.5.1) bha tionndaidhean eile dheth air tighinn a-mach ach cha robh tìde gu leòr againn a’ phacaid cànain ùrachadh, obair car toinnte a tha ann. Ach rinn sinn a’ chùis…

    Read Post

  • Ràinig 3.5.1

    Seo dhuibh, a chàirdean tionndadh 3.5.1 a tha a’ tighinn an àite 3.4. Tha sinn cola-deug air dheireadh leis ach ’s e Microbost a tha coireach às agus na dòighean neònach a chleachdas WordPress gus pacaid ùr a dhèanamh. Cha tachair sin leis fhèin, tha agad ri tags a chruthachadh agus, ò, chan eil fhios…

    Read Post

  • Tha 3.4 ri fhaighinn a-nis!

    Agus seo dhuibh e. Duilich gu bheil mi car fadalach leis, tha fhios agam gun dàinig e a-mach mu sheachdain air ais ach tha cus a’ dol an-dràsta fhèin. An dòchas gun còrd e ribh. Mar a thuirt mi roimhe (ma thuirt mi e roimhe, chan eil mi buileach cinnteach), tha mi a’ cur fàilte…

    Read Post

  • Cha naidheachd corra air cladach

    Àidh… chan eil naidheachd mhòr agam dhuibh. Tha mi a’ dèanamh cinnteach nach bi sinn air dheireadh nuair a ghluaiseas sinn gu WordPress 3.4 uaireigin agus chuir mi barrachd bhlogaichean ris a’ showcase (eadar dà sgeul, ma tha deagh bheachd aig duine sam bith airson deagh eadar-theangachadh de showcase, bhithinn fada ’nur comain) – tha…

    Read Post

  • Agus breith!

    Laigh an iolaire, rug an cat an cuilean – tha sgaoileadh againn, WordPress 3.3 sa Ghàidhlig. Nise, tha mi dol a sgaoileadh an fhacail agus bheir mi mo leabaidh orm an uairsin. Gus an ath-thuras, oidhche mhath leibh agus an dòchas gun gabh sibh tlachd ann!

    Read Post

  • Mòr-thorrachd

    Tha sgaoileadh an tionndaidh ùr, 3.3, a’ tighinn dlùth agus tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall gum bi ann tionndadh Gàidhlig deiseil airson an latha ud, preusant na Nollaig dhuibh. Leis a sin, chan eil tuilleadh ’s cus tìde againn post mòr a sgrìobhadh an-seo an-dràsta fhèin 🙂

    Read Post